United Kingdom

Aonrachachas an Dualchas: Seachd Ceistean le Magaidh Nic a’ Ghobhainn

[ad_1]

Rugadh Magaidh anns an Achadh Mhòr, far a bheil i a’ fuireach, fhathast, ann an Leòdhas.

San là an-diugh, bidh i ag obair air a ceann fhèin, eadar obair turasachd is togail coimhearsnachd. ’S e saothair a tha an crochadh nan ràithean, is diofair phròiseactan fa-near dhi, aig diofair amannan den bhliadhna.

“Cha bhithinn ag iarraidh duais airson rud sam bith a rinn mi riamh, na mo bheatha,” ars i, fhad ’s a chuir mi an t-agallamh roimhpe, ach ’s ann le cinnt is gu bheil Magaidh cliù mòr a chosnadh, thar nam bliadhnaichean, mar thè a tha dlùth an dàimh ri dualchas is dùthchas na Gàidhlig, agus am brosnachadh aig cridhe chùisean, dhi.

“Fhuair mise mo chuid Gàidhlig an tac’ an teine,” dh’innis i dhomh, a’ dèanamh luaidh air sruth na Gàidhlig eadar ginealaich – rud a tha gu geur fon phrosbaig, ri linn a chuid obrach.

“Mar Ghàidheil bho thùs, tha agam ri a bhith ag obair man mo bheatha, airson an cànan a chumail beò anns an sgìre agam fhìn. Ann an 2023 tha a’ chùis nas duilghe na bha e riamh.”

’S ann air sgàth sin a bha Magaidh cho mòr a bhith an sàs san iomairt ùr, a chaidh a stèidheachadh co-dhiù dà bhliadhna air ais, ach a ghluais gu Sràid na h-Eaglaise, o chionn ghoirid.

“Thathas a’ cleith gu bheil an cànan a’ bàsachadh,” dh’aidich i, mus do chuir mi ceist oirre a thaobh taic buidhnean no ­iomairtean na Gàidhlig, agus cothrom lìonra a thogail eatarra.

Bha ceist na freagairt fhèin, ’dè na h-iomairtean a tha seo?’, a’ soilleireachadh gu bheil leithid taic a dhìth, gus amasan ath-bheothachadh a’ chànain a thoirt gu buil.

B’ fheàrr le Magaidh bhith a’ moladh nan daoine leis am bi i ag obair am measg nan coimhearsnachdan – measgachadh de dh’òigridh is bodaich is cailleachan, is i an dòchas am beàrn a theannachadh eatarra, tron aon spèis chultarail is chànanach.

“Feumar aithneachadh gu bheil aonranachas an dualchas’, thuirt i, ‘chan ann a mhàin sna seann daoine ach san òigridh, a tha ag iarraidh an dualchas a chumail faisg.”

Ach tha luach fhathast ann an seann dòighean a’ bheòil-aithris, gan toirt seachad bhon ghlùin.

“Thug sin dhuinn eòlas air iomadach rud a tha mun cuairt oirnn agus sinn mion-fhiosrach air dòighean nàdair, tro bheul aithris, is bàrdachd, is seann-fhacail san t-seann chànan.”

Mar sin, ’s lèir is gu bheil ath-bheothachadh a’ chànain an lùib cùram na h-àrainneachd ionadail, agus chan fhaighear piseach air a’ chùis, ann an co-theacsa eileanach, gun an dà rud an thoirt am piseach, air an aon iorram.

Ach, le club obrach-dachaigh a’ dol aig an ionad, is tachartasan eile a bheir daoine cruinn, tha dòchas san iomairt ùir, a chaidh a chur air bhonn leis an Oil. Teàrlach Wilson, às a’ Chuimrigh.

Thug Wilson ollamhachd sòiseo-chànanachas na Gàidhlig a-mach à Oilthigh Dhùn ­Èideann, mus do leig e freumhan ùra san eilean.

Ri a thaobh, choinnich Magaidh ri cuid air an aon ràmh, aig a bheil “tuigse gu bheil luach ann an ealain, eachdraidh, cleachdaidhean agus coimhearsnachd a chur ri slàinte inntinn gach duine”.

Chan eil gach duine air a bhith cho taiceil ris an ionad o dh’fhosgail e, ge-tà, le daoine leithid Dhòmhnaill MhicShuain, croitear ann an Nis is neach-telebhisein BhBC Alba, teagmhach an robh àite den t-seòrsa a dhìth, ann an eilean far an robh 11,111 de dhaoine le comasan Gàidhlig – 58.1% den phoball air fad – a rèir cunntas-sluaigh 2011.

Dha MacSuain, bha am pròiseact a’ sanasachadh an duilgheadais, seach ga shlànadh, far am biodh coimhearsnachdan dualchasach a’ cleachdadh a’ chànain gu làitheil fhathast, fad’ is farsaing.

Sgaoileadh an deasbad air Twitter, mun àm a chaidh an ionad a chur air bhonn, le Wilson a’ dol an aghaidh MhicShuain, ach chaidh taic a nochdadh, cuideachd, aig feadhainn eile, aig stiùir iomairtean eile, a bhios a’ sireadh ionadan coimhearsnachd na Gàidhlig den aon sheòrsa, ann an Inbhir Nis is Dùn Èideann.

Bha Magaidh gu mòr a’ dol às àicheadh ùpraid sam bith, ge-tà.

“Chan eil mi tuigs’ carson a tha daoine a’ caitheamh ùine air a’ chòmhradh shuarach seo. Tha sinn mar sgioba an Taighe-Chèilidh air a bhith a’ cur ar gualainn dhan chùis.”

Gu dearbh fhèin, tha e furasta do luchd nam meadhanan obair dhaoine eile a chàineadh, gun a bhith mothachail, tron bhith an sàs ann, air cruaidh-chàs obair coimhearsnachd.

Cronadairean, a rèir Magaidh, aig nach eil ‘fios no tuigse air dè th’ ann an iomairt sòisealta den ghnè seo, agus cho feumail ’s tha i’.

“Thigeadh iad a dh’amharc, a nis,” ars i, a’ cumail fàilte is furan romhpa, co-dhiù. Nam biodh luchd, a bhiodh mì-chinnteach fhathast, a’ tadhal air An Taigh-Cèilidh co-dhiù, ’s Magaidh a tha deimhinnte gum faiceadh rudeigin san ro-innleachd ùir – ’s anail atharrachadh air a’ chiùird.

“Feumar aideachadh nach eil cuisean ag obrachadh a thaobh leasachadh na Gàidhlig agus gu bheil làn thìde an cùl a chur ris na structaran a chaidh a stèidheachadh bho chionn leth cheud bliadhna.”

Ach, aig stiùir an ionad, tha Magaidh misneachail – “tha sinn air saoghal eile, air gluasad air adhart agus feumalachdan dhaoine gu tur eadar dhealaichte”. Na beachd-sa, ’s ann san Taigh-Cèilidh a tha an dearbh rud a bha a dhìth, fad nam ­bliadhnaichean mòra, agus na h-eileanaich feumach air “an iomairt aca fhèin”.



[ad_2]

Source

Tags
Show More

Related Articles

Back to top button deneme bonusudeneme bonusu veren sitelerOnwin Güncel Giriştürkçe altyazılı pornocanlı bahis casino
Close